Friday 4 May 2012

Latha Math Eile

Bha mi air mo chois rud beag na bu tràithe an-diugh. Tha mi buailteach a bhith car leisg air Dihaoine, uill tha mi leisg a h-uile latha a dh'innse na fìrinn, ach tha an truaighe buileach orm air Dihaoine. Tha aon latha gu math trang agam, sin Diardaoin, le clasaichean bho naoi sa mhadainn gu leth-uair an dèidh naoi air an oidhche. Chan eil mi a' gearain, tha e a' còrdadh leam. Bhithinn truagh nam bithinn nam thàmh, 's nach math a bhith air chothrom rudan a dhèanamh 's a bhith am measg dhaoine. Bhruidhinn mi Sìne ann am Berkshire sa mhadainn aig 9 air Skype. 'S e sin a thug orm èirigh tràth, uill tràth dhòmhsa! Tha sinn dol a chumail seachadain Ghàidhlig ann an Uibhist an ath-mhios, agus tha ùidh aig Sìne ann. Co-dhiù bha deagh Ghàidlig aice. Tha i a' cur seachad pàirt dhen bhliadhna san Apainn. Tha mise eòlach air an sgìre sin, 's Lios Mòr cuideachd, àiteachan àlainn le daoine gasta.   An deidh sin chaidh mi sìos gu Gordon 's sheall e dhomh ciamar a dhèanainn 'podcast' le 'ipadio'. Mòran taing a Ghordon, tha thu foighidneach! Chan eil mòran eile a' tachairt. Tha an t-side a' briseadh, ach tha i air a bhith fìor mhath fad ùine mhòir 's chan eil math dhuinn a bhith gearain.
tha eagal orm gun do rinn mi bùrach leis an ipadio!

Saoghal Ùr

http://www.ipadio.com/broadcasts/ArchieCampbell/2012/5/4/Archies-channel--1st-phonecast

Wednesday 11 April 2012

Eairdsidh Mòr

Bha mi a' cnuasachd ann an dràthair an-diugh 's fhuair mi leabhar an 'discharge' a fhuair mo sheanair, Eairdsidh Mac IllFhialain, no Eairdsidh Mòr Hougheagearraidh, mar a b' fheàrr a b' aithnichear e, an Grapa Mòr mar a b'aithne dhòmhs' e. Bha e san Arm eadar 1941 's 1947. Rugadh Eairdsidh ann an 1903, mar sin bha e na bu shine na  a'  mhòrchuid san Arm aig an àm. Co-dhiù fhuair e deagh theisteanas : 'a diligent and conscientious worker who has carried out his duties most satisfactorily.......Highly recommended for civil employment'. Bha e ann an seirbhis slàinte an Airm. Cha robh mi buileach cinnteach carson, ach cleas gu leòr eile à Uibhist, chuir e seachad ùine ag obair ann an ospadal -eanachainn, Dykebar ann am Pàislig, cho fad 's as fhiosrach dhomh, agus 's dòcha air sàilleabh aois cuideachd.Gu dearbh chùm iad deagh ghreis e, 's teaghlach òg gun mhàthair aig an taigh, chaochail mo sheanmhair ann an 1942. Bha piuthar aige, Magaidh, a bha ga cosnadh ann an Sasainn,  's thill i dhachaigh a ghabhail cùram na cloinne. Co-dhiù, 's e duine mòr còir a bh' ann. Chaochail m' athair nuair a bha sinne 's gu dearbh esan gu math òg, 's bha mi fhìn 's mo mhàthair 's mo bhràithrean 's an Grapa Mòr 's an Grapa Beag (Dòmhnall  Chaluim Bhig)  's Flòrag , piuthar m' athar 's an duine aice Bob à Morningside ann an Dùn Èideann  a' fuireach san taigh, ged a bha Bob 's Flòrag air falbh greisean leis gun robh Bob san RAF. Bha an dithis bhodach gu math èibhinn còmhladh, cha robh iad ag aontachadh ri chèile air mòran.  Bha Eairdsidh gu math mòr ma Chassius Clay no Muhammed Ali mar a b' fheàrr a b' aithnichear e, ach cha robh an dòigh a bhiodh e a' dannsa mun cuairt a' còrdadh le Dòmhnall, fear a bha math le dhùirn na latha.   Bidh cuimhn'  am gu sìorraidh an latha a bha iad a' coimhead air an 'Grand Prix' air an tele. Bha na càraichean a dol mun cuairt aig astar, ach co-dhiù chaidh an ceòl air feadh na fìdhle le càraichean a' bualadh ri chèile  's a dol nan teine. ' S ann a thuirt Eairdsidh Mòr ' ah uill uill, an sealladh tu air sin, nach eil sin fhèin maslach, nan gabhadh iad air an socair cha bhiodh sgiorragan aca!