Saturday 10 December 2011

madainn Disathairne

nach ann a bha an droch latha air Diardaoin ? ach bha i na bu mhiosa air tìr-mòr. Cha d'fhuair mi dhan Cholaiste no Beàrnearaigh. Ach cha robh cothrom air, ach co dhiu bha latha fada na b'fheàrr againn an-dè, bha an gaoth air sìoladh gu mòr. Ghabh mi cuairt air a' bhaidhsagail, tha e math a bhith a-muigh air latha ciùin, 's sneachda air an talamh. Tha mi a' feuchainn ri rudan a chur air dòigh 'son 2012, le cùrsaichean Gàidhlig ann an Uibhist. Choimhead mi air  'The Killing' air bbciplayer a-raoir, tha mi a' tuigsinn dè tha tachairt mu dheireadh thall, uill tha na geansaidhean math co  dhiu.  

Saturday 26 November 2011

Cò ach mise?

's mise Eairdsidh, ann am Beinn a' Bhaoghla air oidhche fhuar, ach chan eil math dhomh bhith gearain, tha mo bhrù làn, 's balgam uisge-bheatha agam. Tha mi a' dol a bhruidhinn ri feadhainn aig 8 air Skype. Co dhiu, 's toil leam a bhith a' bruidhinn Gàidhlig. Bha latha car leisg agam an-diugh. Co dhiu, a bheil duine sam bith ' aithne dhomh a-muigh ann a shin? Bhiodh e math cluinntinn bhuaibh.