Saturday 26 November 2011

Cò ach mise?

's mise Eairdsidh, ann am Beinn a' Bhaoghla air oidhche fhuar, ach chan eil math dhomh bhith gearain, tha mo bhrù làn, 's balgam uisge-bheatha agam. Tha mi a' dol a bhruidhinn ri feadhainn aig 8 air Skype. Co dhiu, 's toil leam a bhith a' bruidhinn Gàidhlig. Bha latha car leisg agam an-diugh. Co dhiu, a bheil duine sam bith ' aithne dhomh a-muigh ann a shin? Bhiodh e math cluinntinn bhuaibh. 

4 comments:

  1. Seadh a-nis, cò ach thu fhèin, Eairdsidh! Fàilte ort dhan bhlogosphere...

    ReplyDelete
  2. Bha mi meadhonach trang an-dè, sin an rud is fheàrr leam. Bha na h-oileanaich sa Cholaiste ann an deagh thriom,'s thàinig Beth, oileanach rannsachaidh aig Soillse, a choimhead oirnn, chòrd Uibhist rithe gu mòr. Bha clas Ulpan againn aig 2, an uair sin dà chlas ann am Bearnearaigh, sin e, bha mi sgìth ach toilichte. Tha i mosach a-muigh a-nochd, nach math a bhith a-staigh 's blàth

    ReplyDelete
  3. Tha mi gu math toilichte gun do thòisich sibh air bloga a sgriobhadh. Tha mi an dòchas gum bi an àite seo a' còrdadh ruibh.

    ReplyDelete