Tuesday 14 February 2012

nach fhada bhon uair sin

Tha treis mhòr nach do chuir mi dad air a' bhlog agam. Uill, tha càr agam a-nis, agus 's math sin, suarach an t-sìde a bhith air a' bhaidhsagail, ged nach eil sian nas fheàrr na e nuair a tha sìd' ann. Tha rudeigin ceàrr air co dhiù 's feumaidh mi a chur suas gu Tomaidh. Tha an latha a' fàs fada, agus 's mòr an rud sin fhèin, chan fhada gus am bi mi air na cnuic a-rithist. B' fhìor thoil leam  coiseachd air feadh na Hearadh, tha e cho àlainn 's faisg cuideachd. Bhiodh e glè mhath dhol a-null air madainn bhrèagha, 's pinnt air an rathad air ais. Tha mi a' teagasg thall 's a-bhos agus air Skype cuideachd, le feadhainn san Òlaind sa Ghearmailt , Astràlia 's Argentina. Sin agaibh e, chan eil an còrr ann ach cumail blàth. Chì sibh gu bheil mo ghlainne falamh san dealbh, saoil dè bh' ann mus do thràigh mi e. Leugh mi ' Steall à Iomadh Lòn' le Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain 's chòrd e leam glan fhèin, tha mi a' feuchainn ri leughadh sa Ghàidhlig a h-uile latha. Tha eagal orm gun tug rudeigin greim asam - rud neònach aig an àm seo dhen bhliadhna - saoil e an e dàmhan-alaidh (spider) a bh'ann? agus mise gan sàbhaladh a-mach às an t-sinc cuideachd!