Wednesday 11 April 2012

Eairdsidh Mòr

Bha mi a' cnuasachd ann an dràthair an-diugh 's fhuair mi leabhar an 'discharge' a fhuair mo sheanair, Eairdsidh Mac IllFhialain, no Eairdsidh Mòr Hougheagearraidh, mar a b' fheàrr a b' aithnichear e, an Grapa Mòr mar a b'aithne dhòmhs' e. Bha e san Arm eadar 1941 's 1947. Rugadh Eairdsidh ann an 1903, mar sin bha e na bu shine na  a'  mhòrchuid san Arm aig an àm. Co-dhiù fhuair e deagh theisteanas : 'a diligent and conscientious worker who has carried out his duties most satisfactorily.......Highly recommended for civil employment'. Bha e ann an seirbhis slàinte an Airm. Cha robh mi buileach cinnteach carson, ach cleas gu leòr eile à Uibhist, chuir e seachad ùine ag obair ann an ospadal -eanachainn, Dykebar ann am Pàislig, cho fad 's as fhiosrach dhomh, agus 's dòcha air sàilleabh aois cuideachd.Gu dearbh chùm iad deagh ghreis e, 's teaghlach òg gun mhàthair aig an taigh, chaochail mo sheanmhair ann an 1942. Bha piuthar aige, Magaidh, a bha ga cosnadh ann an Sasainn,  's thill i dhachaigh a ghabhail cùram na cloinne. Co-dhiù, 's e duine mòr còir a bh' ann. Chaochail m' athair nuair a bha sinne 's gu dearbh esan gu math òg, 's bha mi fhìn 's mo mhàthair 's mo bhràithrean 's an Grapa Mòr 's an Grapa Beag (Dòmhnall  Chaluim Bhig)  's Flòrag , piuthar m' athar 's an duine aice Bob à Morningside ann an Dùn Èideann  a' fuireach san taigh, ged a bha Bob 's Flòrag air falbh greisean leis gun robh Bob san RAF. Bha an dithis bhodach gu math èibhinn còmhladh, cha robh iad ag aontachadh ri chèile air mòran.  Bha Eairdsidh gu math mòr ma Chassius Clay no Muhammed Ali mar a b' fheàrr a b' aithnichear e, ach cha robh an dòigh a bhiodh e a' dannsa mun cuairt a' còrdadh le Dòmhnall, fear a bha math le dhùirn na latha.   Bidh cuimhn'  am gu sìorraidh an latha a bha iad a' coimhead air an 'Grand Prix' air an tele. Bha na càraichean a dol mun cuairt aig astar, ach co-dhiù chaidh an ceòl air feadh na fìdhle le càraichean a' bualadh ri chèile  's a dol nan teine. ' S ann a thuirt Eairdsidh Mòr ' ah uill uill, an sealladh tu air sin, nach eil sin fhèin maslach, nan gabhadh iad air an socair cha bhiodh sgiorragan aca!  

Tuesday 10 April 2012

Steàll à Iomadh Lòn

Tha mi air an leabhar seo a leughadh, 's chòrd e rium gu mòr. Tha a' Ghàidhlig cho beairteach, 's tha deagh stòiridh ann cuideachd. Tha deagh ghnàthasan -cainnt ann, mar:
'agus le m' anail nam uchd'  -  with my breath in my chest, state of anxiety (195)
' daoine aoigheil le fiamh a ghàire air daonnan'  -  a friendly man always with a smile on his face (196)

's toil leam 'fiamh a' ghàire'   the start of a laugh, as it were

'bha mi gu toirt thairis le sgìths'  - I was overcome by tiredness (196)

'chan urrainn dhomh a dhol às àicheadh gun do chleachd mi an strap bho àm gu àm '   - I can't deny that I

 used the strap from time to time  (Seonaidh A was a teacher in the 60s)  (199)

Mar bu dual thadhail mi air Taigh a' Chladaich, taigh-seinnse Westford)  - as was my custom, I called at the Shore House, Westford pub'  


Sin dìreach rud beag, 's math a b' fhiach dhuibh a leughadh

duilich typo no dha

tha mi gu math buailteach air 'typos' a dhèanamh 's mearachdan luideach eile
' S e rud.....        a' gearain          Feumaidh mi sin a dhèanamh

latha leisg eile

Tha mi air a bhith dheth còrr 's seachdain a-nis, 's tha mi a' call  mo shuim. Bidh mi toilichte faighinn air ais dhan cholaiste. Ach gu dearbh tha i àlainn an-diugh,  's tha i air a bhith math son deagh ghreis, 's math ma mhaireas. Ach chan eil mòran uisge air a bhith ann, 's mar sin 's dòcha gum bi croitearan a gearain. 'S rud a b' fheàrr nan tigeadh an t-uisge air feadh na h-oidhche. Chaidh mi turas a dh' Èirisgeidh an t-seachdain sa chaidh, eilean beag àlainn gu dearbh, caran deifirichte bho Uibhist. Tha an càr a' dol glè mhath - ach Obh obh stad na Poileas mi, o chionn 's nach robh solas no dhà ag obrachadh, uill a trì ma thà. Co dhiù bha iad gu math laghach mu dhèidhinn, bha fear dhiu air a bhith tighinn gu clas Gàidhlig a bha mi a' teagasg an-uiridh, 's bha am fear eile ag innse dhomh gun robh a chlann a' dol tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Co  dhiù, dh' iarr iad orm na solais a chur air dòigh, 's rinn mi sin, 's cha mhòr a chosg e. Cha do chuir mi am baidhsagail air dòigh fhathast. Feumaidh mi sinn a dhèanamh, seo an t-àm a bhith air.