Tha mi air an leabhar seo a leughadh, 's chòrd e rium gu mòr. Tha a' Ghàidhlig cho beairteach, 's tha deagh stòiridh ann cuideachd. Tha deagh ghnàthasan -cainnt ann, mar:
'agus le m' anail nam uchd' - with my breath in my chest, state of anxiety (195)
' daoine aoigheil le fiamh a ghàire air daonnan' - a friendly man always with a smile on his face (196)
's toil leam 'fiamh a' ghàire' the start of a laugh, as it were
'bha mi gu toirt thairis le sgìths' - I was overcome by tiredness (196)
'chan urrainn dhomh a dhol às àicheadh gun do chleachd mi an strap bho àm gu àm ' - I can't deny that I
used the strap from time to time (Seonaidh A was a teacher in the 60s) (199)
Mar bu dual thadhail mi air Taigh a' Chladaich, taigh-seinnse Westford) - as was my custom, I called at the Shore House, Westford pub'
Sin dìreach rud beag, 's math a b' fhiach dhuibh a leughadh
Tuesday, 10 April 2012
duilich typo no dha
tha mi gu math buailteach air 'typos' a dhèanamh 's mearachdan luideach eile
' S e rud..... a' gearain Feumaidh mi sin a dhèanamh
' S e rud..... a' gearain Feumaidh mi sin a dhèanamh
latha leisg eile
Tha mi air a bhith dheth còrr 's seachdain a-nis, 's tha mi a' call mo shuim. Bidh mi toilichte faighinn air ais dhan cholaiste. Ach gu dearbh tha i àlainn an-diugh, 's tha i air a bhith math son deagh ghreis, 's math ma mhaireas. Ach chan eil mòran uisge air a bhith ann, 's mar sin 's dòcha gum bi croitearan a gearain. 'S rud a b' fheàrr nan tigeadh an t-uisge air feadh na h-oidhche. Chaidh mi turas a dh' Èirisgeidh an t-seachdain sa chaidh, eilean beag àlainn gu dearbh, caran deifirichte bho Uibhist. Tha an càr a' dol glè mhath - ach Obh obh stad na Poileas mi, o chionn 's nach robh solas no dhà ag obrachadh, uill a trì ma thà. Co dhiù bha iad gu math laghach mu dhèidhinn, bha fear dhiu air a bhith tighinn gu clas Gàidhlig a bha mi a' teagasg an-uiridh, 's bha am fear eile ag innse dhomh gun robh a chlann a' dol tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Co dhiù, dh' iarr iad orm na solais a chur air dòigh, 's rinn mi sin, 's cha mhòr a chosg e. Cha do chuir mi am baidhsagail air dòigh fhathast. Feumaidh mi sinn a dhèanamh, seo an t-àm a bhith air.
Tuesday, 14 February 2012
nach fhada bhon uair sin
Tha treis mhòr nach do chuir mi dad air a' bhlog agam. Uill, tha càr agam a-nis, agus 's math sin, suarach an t-sìde a bhith air a' bhaidhsagail, ged nach eil sian nas fheàrr na e nuair a tha sìd' ann. Tha rudeigin ceàrr air co dhiù 's feumaidh mi a chur suas gu Tomaidh. Tha an latha a' fàs fada, agus 's mòr an rud sin fhèin, chan fhada gus am bi mi air na cnuic a-rithist. B' fhìor thoil leam coiseachd air feadh na Hearadh, tha e cho àlainn 's faisg cuideachd. Bhiodh e glè mhath dhol a-null air madainn bhrèagha, 's pinnt air an rathad air ais. Tha mi a' teagasg thall 's a-bhos agus air Skype cuideachd, le feadhainn san Òlaind sa Ghearmailt , Astràlia 's Argentina. Sin agaibh e, chan eil an còrr ann ach cumail blàth. Chì sibh gu bheil mo ghlainne falamh san dealbh, saoil dè bh' ann mus do thràigh mi e. Leugh mi ' Steall à Iomadh Lòn' le Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain 's chòrd e leam glan fhèin, tha mi a' feuchainn ri leughadh sa Ghàidhlig a h-uile latha. Tha eagal orm gun tug rudeigin greim asam - rud neònach aig an àm seo dhen bhliadhna - saoil e an e dàmhan-alaidh (spider) a bh'ann? agus mise gan sàbhaladh a-mach às an t-sinc cuideachd!
Saturday, 10 December 2011
madainn Disathairne
nach ann a bha an droch latha air Diardaoin ? ach bha i na bu mhiosa air tìr-mòr. Cha d'fhuair mi dhan Cholaiste no Beàrnearaigh. Ach cha robh cothrom air, ach co dhiu bha latha fada na b'fheàrr againn an-dè, bha an gaoth air sìoladh gu mòr. Ghabh mi cuairt air a' bhaidhsagail, tha e math a bhith a-muigh air latha ciùin, 's sneachda air an talamh. Tha mi a' feuchainn ri rudan a chur air dòigh 'son 2012, le cùrsaichean Gàidhlig ann an Uibhist. Choimhead mi air 'The Killing' air bbciplayer a-raoir, tha mi a' tuigsinn dè tha tachairt mu dheireadh thall, uill tha na geansaidhean math co dhiu.
Saturday, 26 November 2011
Cò ach mise?
's mise Eairdsidh, ann am Beinn a' Bhaoghla air oidhche fhuar, ach chan eil math dhomh bhith gearain, tha mo bhrù làn, 's balgam uisge-bheatha agam. Tha mi a' dol a bhruidhinn ri feadhainn aig 8 air Skype. Co dhiu, 's toil leam a bhith a' bruidhinn Gàidhlig. Bha latha car leisg agam an-diugh. Co dhiu, a bheil duine sam bith ' aithne dhomh a-muigh ann a shin? Bhiodh e math cluinntinn bhuaibh.
Subscribe to:
Comments (Atom)