Tuesday, 10 April 2012

latha leisg eile

Tha mi air a bhith dheth còrr 's seachdain a-nis, 's tha mi a' call  mo shuim. Bidh mi toilichte faighinn air ais dhan cholaiste. Ach gu dearbh tha i àlainn an-diugh,  's tha i air a bhith math son deagh ghreis, 's math ma mhaireas. Ach chan eil mòran uisge air a bhith ann, 's mar sin 's dòcha gum bi croitearan a gearain. 'S rud a b' fheàrr nan tigeadh an t-uisge air feadh na h-oidhche. Chaidh mi turas a dh' Èirisgeidh an t-seachdain sa chaidh, eilean beag àlainn gu dearbh, caran deifirichte bho Uibhist. Tha an càr a' dol glè mhath - ach Obh obh stad na Poileas mi, o chionn 's nach robh solas no dhà ag obrachadh, uill a trì ma thà. Co dhiù bha iad gu math laghach mu dhèidhinn, bha fear dhiu air a bhith tighinn gu clas Gàidhlig a bha mi a' teagasg an-uiridh, 's bha am fear eile ag innse dhomh gun robh a chlann a' dol tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Co  dhiù, dh' iarr iad orm na solais a chur air dòigh, 's rinn mi sin, 's cha mhòr a chosg e. Cha do chuir mi am baidhsagail air dòigh fhathast. Feumaidh mi sinn a dhèanamh, seo an t-àm a bhith air.

No comments:

Post a Comment